Kessock Equine Vets

Seirbheisean Bheat Eich

Sìolachadh Fuadain

''S i clionaig chuartachail a th' ann an Bheataichean Eich Cheiseig. Tha sinn a' tabhann raon farsaing de chùram lèigh bheathaich dha eich, pònaidhean, muileidean is asalan air feadh na Gàidhealtachd. Tha an t-seirbheis làn uidheamaichte le na leanas:

  • sàr inneal x-ghath
  • in-amharcair sùbailte
  • sgrùdair allfhuaimneach
  • ECG
  • Làn raon de dh'innealan fiaclach, a' gabhail a-steach drilleachan is uidheam tarraing

agus, gu deatamach, tha na sgilean againn airson an cleachdadh.

'S e inneal riatanach dha seirbheis eich an latha an-diugh a th' ann an inneal x-ghath so-ghiùlain. Feumaidh na filmichean leasaichte, ris an canar rèidiografan, a bhith air an giollachd ceart is air am mìneachadh gu cubhaidh. Mar sin, tha e cudromach deagh rèidiografan fhaighinn bhon toiseach.

Tha in-amharcair sùbailte a' toirt cothrom in-sgrùdadh a dhèanamh tron t-sròin, air an sgòrnan, meille na slugaid agus air an t-siostam analachaidh. Gabhaidh an in-amharcair cuideachd atharrachadh airson sgrùdadh a dhèanamh air taobh a-staigh a' bhoid no an aotromain.

Tha dà phrìomh fheum aig an sgrùdair allfhuaimneach: ann an ìocshlaint greighe airson sgrùdadh a dhèanamh air an raon ghinteil-ughlannan is balg- is airson sgrùdadh a dhèanamh air fèithean-lùghaidh, buill-nasg agus maothrain boga eile. Faodar an sgrùdair a chleachdadh cuideachd airson lorg fhaighinn air an àdha, an aotroman is na dubhagan.

Beachdan eile is Cùisean Breithneachaidh. Tha sinn toilichte sealltainn ri eich is pònaidhean airson beachd eile a thoirt seachad agus tha sinn a' tabhann seirbheis bhreithneachaidh dha bheataichrean air Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Sìolachadh Fuadain (AI) Tha seo a' fàs na dhòigh cumanta air feadh an t-saoghail airson eich a ghintinn. Tha dà dhòigh ann air sreothan-eich a ghleidheadh agus tha sin a' ciallachadh gu bheil dà dhòigh ann air làiridhean a dhèanamh torrach. 'S e sreothan fuaraichte an roghainn as saoire - tha cuideachd cothrom soirbheachaidh nas fheàrr aig an seo. Faodar sreothan òrdachadh airson ruighinn an ath latha, agus sa chumantas chan fheumar ach na làiridhean a sgrùdadh gach latha nuair tha iad leis an dàir. Le sreothan reòthte, air sgàth gu bheil an sìol-ginidh tòrr nas brisge feumar na làiridhean an sìolachadh nas trice. Tha seo ag adhbhrachadh mòran rannsachaidhean is sgrùdaidhean air an taobh a-staigh, a' gabhail a-steach sgrùdaidhean tron oidhche ann an cuid de chùisean. Ann an dòigh seach dòigh cha bu chòir beachdachadh air AI mar dhòigh saor air ur làir a dhèanamh torrach- bu chòir dha bhith na dhòigh air searraich nas fheàrr fhaighinn bho ur làiridhean. A thuilleadh air a bhith a' ruith seirbheis airson sìolachaidhean fuadain, bidh sinn cuideachd a' tarraing bho àigich is a' cur air dòigh còmhdhail sreothain. Seallaibh ris an duilleig air seusan sìolachaidh airson tuilleadh fiosrachaidh. Cuiridh sinn air dòigh àite-fuirich airson ur làir sa sgìre no aig ar clionaig ùir a tha a' fosgladh sa Mhàrt 2007.

Tha Fiaclaireachd Eich a' ciallachadh barrachd air dìreach a bhith a' sgrìobadh fhiaclan! Tha làn raoin de dh'innealan fiaclaireachd is uidheam aig Clionaig Bheat Eich Cheiseig. Tha uaill againn ann an inbhe ar fiaclaireachd eich, airson maitheas is obair ur n-eich àrdachadh. Cha làimhsich sinn each aig àm sam bith ach le glas-ghuib (a tha uaireannan ainmichte mar glas-ghuib Hausmann no sgàthan). An robh fios agaibh gu bheil beul eich cho mòr 's gu bheil an fhiacail mu dheireadh fon t-sùil? Innealan fiaclaireachd eich : tha raon de dh'innealan fiaclaireachd againn a' gabhail a-steach clachan-gleusaidh meacanaigeach is uidheam tarraing.

An sgrùdadh ro-cheannachd (breithneachadh ): tha na uimhir de chunnart co-cheangailte ri bhith a' ceannach each sam bith. Chan eil ceannachd eich sam bith gun chunnart na lùib agus tha sinn ag amas air a' chunnart sin a chomharrachadh, a mheas is a thomhais dhuibh gus an tèid agaibh air co-dhùnadh fiosraichte a ruighinn mu dhol air adhart no leigeil seachad ceannachd an eich no a' phònaidh. Mun àm a thèid sgrùdadh ro-cheannachd (breithneachadh/bheatadh) a dhèanamh dhuibh bu chòir dhuibh a bhith air an each sònraichte sin a thaghadh. Ga chur ann an dòigh eile, bu chòir co-dhùnadh a bhith air a ruighinn mu dhath, ghnè, aois, àirde, nàdar is eòlas-obrach an eich agus a fhreagarrachd dhuibh, ma tha e cuideachd freagarrach bho thaobh bheataireachd. Ma tha teagamhan agaibh mu fhreagarrachd an eich a thaobh ur feuman marcachd bu chòir dhuibh comhairle fhaighinn bho ur neach-trèinidh no comhairliche-marcachd (faodaidh sinn luchd-trèinidh freagarrach sa Ghàidhealtachd a mholadh dhuibh). 'S e taghadh pearsanta a th' ann an roghnachadh Bheat ach tha e nas fheàrr comhairle fhaighinn bho Bheat-eich eòlach a tha cuideachd na mharcaiche, na bho marcaiche a tha cuideachd na Bheat. Bidh Bheataichean Eich Cheiseig a' dèanamh dà sheòrsa de bheataireachd: an làn bheataireachd 5-ìrean agus meanbh-bheatadh. Tha a' chiad sheòrsa a' gabhail a-steach ìre eacarsaich agus sampall fala airson ìocshlaintean; tha làn aithisg sgrìobhte a' tighinn na chois cuideachd agus bheir an sgrùdadh eadar 1 is 2 uair a thìde. Chan eil aithisg sgrìobhte an cois a' mheanbh-sgrùdaidh agus bheir e mu leth uair a thìde. Ma tha sibh a' beachdachadh air each a bheatadh iarraibh lethbhreac de ar duilleag fiosrachaidh; ma tha sibh a' ceannach taobh a-muigh na Gàidhealtachd faodaidh sinn cuideachd bheat san RA no Èirinn a mholadh dhuibh.

Gabhaidh Ath-chomas Eich a chur air dòigh airson dochann spòrs eich taobh a-staigh mìle no dhà à Inbhir Nis. Cuiribh fios thugainn airson tuilleadh fiosrachaidh.

.





Winter or summer Kessock veterinarians are here to serve


Showing horses at their best - primary health care supplied by Kessock veterinary practice in Inverness


Hook on cheek teeth - regular local horse health care is important in the Highlands of Scotland



Kessock Equine Vets, serving Inverness & North Scotland